Aodann Srath Bhàin歌词

作词 : Traditional
作曲 : arr. Capercaillie
'S mi ri imeachd nam aonar
Anns an òg-mhadain Mhàigh
Feadh lèantaichean uaine
Mar fhear-fuadain gun stàth
Nuair a chunnaich mi a' ghruagach
An taobh shuas dhiom a' tàmh
'S i ri nigh'a cuid aodaich
Mach air aodann Srath Bhàin
An sin dhìrich mi suas
Far 'n robh gruagach mo ghràidh
Is labhair mi rithe
Gu sìobhalta tlàth
"Tha bliadhn'agus còrr
Bhon a thòisich an gràdh
Is ma bhitheas tu deònach
Nì sinn pòsadh gun dàil"
"Gu pòsadh, gu pòsadh
Ro òg tha mi 'n dràsd'
Gu bheil teang'aig do sheòrsa
Dhèanadh fògradh 's gach àit
Gum biodh m'athair 's mo mhàthair
Gam chàineadh gu bràth
Nam pòsainn do leithid
O fhleasgaich gun stàth"
Ach a nìonagan òga
Tha gun phòsadh 's gach àit'
Na diùltaibh fir òga
Le mòrchuis no tàir
Nach muladach dhòmhsa
Bhith gun phòsadh gu bràth
'S fheudar fuireach nam aonar
Mach air aodann Srath Bhàin

Aodann Srath BhàinLRC歌词

Aodann Srath Bhàin歌词CapercaillieAodann Srath BhàinLRC歌词添加中

Aodann Srath Bhàin歌词,Aodann Srath BhàinLRC歌词

歌曲名:Aodann Srath Bhàin  歌手:Capercaillie  所属专辑:《Delirium》

作词:  作曲:  发行公司:Survival  发行时间:2016-05-27

歌曲ID:1745210  分类:歌曲  语言:  大小:3.74 MB  时长:04:06秒  比特率:129K  评分:0.0分

介绍:《Aodann Srath Bhàin》 是 Capercaillie 演唱的歌曲,时长04分06秒,由作词,作曲,该歌曲收录在Capercaillie2016年的专辑《Delirium》之中,如果您觉得好听的话,就把这首歌分享给您的朋友共同聆听,一起支持歌手Capercaillie吧!

◆ 本页是歌曲Aodann Srath Bhàin歌曲LRC歌词下载页面,如果您想下载Aodann Srath Bhàinmp3,那么就点击  Aodann Srath BhàinMp3免费下载

◆ 如果你想在线试听这首歌曲就点击  Aodann Srath Bhàin在线试听

◆ 如果你想了解更多歌手Capercaillie的信息就点击  Capercaillie的所有歌曲  Capercaillie的专辑  Capercaillie的详细资料  Capercaillie的图片大全

◆ Aodann Srath Bhàin的永久试听地址是//www.9ku.com/play/1745210.htm,请将九酷音乐网(www.9ku.com)告诉您的3个朋友,感谢您对九酷音乐网支持!

Copyright @2023 - 2024 www.9ku.com.All Rights Reserved.九酷音乐网 版权所有  备案号:黑ICP备2023008593号-1